A bheil trioblaid agad a' faicinn a' phuist-d seo? Faic san t-sealladar agad e.

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Combaist-d, Iris Shònraichte
Diciadain 2 Gearran 2011

Facebook Like Button Tweet Button

Latha eachdraidheil is Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ga stèidheachadh mar oilthigh as ùire na h-Alba

Header Article image

Is e latha eachdraidheil a th’ann an-diugh (2 Gearran) is Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) an dèidh tighinn am bith à Institiud OGE nam Mìle Bliadhna.

Às dèidh dearbhadh bhon Chomhairle Dhìomhair, thèid a’ chlach-mhìle a chomharrachadh le cuirmean aig àrainnean UHI air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Agus tiotal oilthigh air a chosnadh aig UHI, thugadh gu buil mòr-mhiann a bha aig an sgìre o chionn fada a h-oilthigh fhèin a bhith aice a thoirt taic do leasachadh eaconamach agus a chuideachadh gus coimhearsnachdan dùthchail is eileanach a chumail suas.

Agus e a’ foillseachadh an euchd, thuirt an t-Àrd-Ollamh Mata MacÌomhair CBE, cathraiche cùirt UHI: “Is e mòmaid ro-bhrìoghmhor ann an eachdraidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a th’ann an seo. Fad nan linntean tha ar tàlant inntleachdail air a bhith a’ falbh do gach ceàrn den t-saoghal. A-nis, tha sinn aig an ìre far an urrainn dhuinn an imrich sin a chur an comhair a chùil. Bidh Oilthigh ùr na Gàidhealtachd agus nan Eilean ag iomain leasachadh eaconamach, sòisealta agus cultarach na sgìre.”

Thuirt Mìcheal Ruiseal, Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlam is Ionnsachadh Fad-beatha: “An-diugh tha sinn a’ comharrachadh euchd mhòr, chan ann a-mhàin don luchd-obrach, oileanaich agus luchd-taice air fad, ach don Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan. Ach, chan eil tiotal oilthigh a’ comharrachadh deireadh an rathaid do UHI. Tha e a’ comharrachadh tòiseach pròiseas a chuireas ri leasachadh a bharrachd air a’ mhodal àrd-fhoghlaim ùr-ghnàthach a tha seo. Tha mi
a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ faicinn nan luchd-seilbh uile ag obair còmhla ris an oilthigh ùr agus a’ dèanamh an dìcheall UHI a thoirt dhan ath ìre, gus am bi e comasach dha muinntir agus eaconamaidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a fhrithealadh.”

Thuirt am prionnsapal agus iar-sheansalair, Seumas Friseal: “Feumaidh mi moladh a dhèanamh air ar n-oileanaich, luchd-obrach agus luchd-taice, a chuir ris an euchd mhìorbhaileach seo. Is e gnìomh nach gabh atharrachadh a th’ann am buileachadh tiotal oilthigh agus, mar sin, cha bhithear ga dhèanamh gun obair mhòr neo le cabhag. Tha sinn an comain na feadhna aig an robh an lèirsinn a bhith a’ tòiseachadh air an rathad seo agus an luchd-taice a dh’fhuirich còmhla rinn fad na cuairt.

Thuirt Nathan Shields, Ceann-suidhe Comann Oileanaich Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean: “Is e latha air leth cudromach a th’ann an seo dha na Gàidhealtachd agus na h-Eileanan; gu sònraichte do dhaoine òga nach fheum a bhith a’ fàgail na sgìre ma tha iad airson dol dhan oilthigh. A-nis, tha taghadh aca. Tha UHI air a’ bhith a’ tabhann foghlam aig ìre oilthigh fad bhliadhnaichean agus ’s e naidheachd mhìorbhaileach a th’ann gu bheil làn inbhe againn a-nis.” 


Bu toigh leinn gu mòr a bhith a’ cluinntinn ur beachdan mu UHI a’ faighinn tiotal oilthigh gu h-oifigeil mar Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
’S urrainn dhuibh fios a thoirt dhuinn air an duilleig Facebook againn, le bhith a’ cur tweet, a’ fàgail brath air na duilleagan Vimeo , Youtube neo Flickr againn, neo gu sìmplidh a’ cur freagairt dhan phost-d seo!

 Is urrainn dhuibh coimhead air podcast mun naidheachd seo le Seumas Friseal air-loidhne.